Fuaimean na Gàidhlig

Tha e air a bhith na chùis iongnaidh do Ghàidheil fad bhliadhnaichean, ach dh'fhaodadh gu bheil sinn ceum nas fhaisge air a bhith a' tuigsinn carson a tha Gàidhlig Leòdhais ga fuaimneachadh mar a tha i.

Fad na seachdainn seo, bidh eòlaichean bho Oilthigh Lancaster ann an Ionad na Drochaid ann an Steòrnabhagh 's iad a' toirt cuireadh do dh'fhileantaich tadhal orra.

Mar a tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris, tha iad an dòchas teicneòlas ultrasound a chleachdadh airson stòr-data a chruthachadh a bhios feumail do luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh.